1. Com-pàirteachadh

Fàilte gu ar ceisteachan air roinn sgeulachdan a’ Chosta. Tha beagan cheistean againn dhuibh – faodaidh sibh cho beag no cho mòr ’s a thogras sibh a fhreagairt – chan eil sgeul sam bith ro bheag no ro mhòr agus nì notaichean sìmplidh a’ chùis ma tha sin ag obrachadh nas fheàrr dhuibh. Agus tha cothrom agaibh tilleadh agus seo a dhèanamh a-rithist ma thig sgeulachdan ùra thugaibh. Ma thèid sibh dìreach gu ar ceisteachan, lorgaidh sibh tòrr a bharrachd fiosrachaidh mun phròiseact bhrosnachail seo air an làrach-lìn againn aig www.coast.scot
 

Cuideachd, on a tha cànan is cultar na Gàidhlig cudromach air feadh Costa an Iar na h-Alba, is e suirbhidh dà-chànanach a tha seo. Feuch gun lìon sibh an ceisteachan seo sa chànan as fheàrr leibh fhèin – agus ma tha sibh a’ freagairt ann an Gàidhlig, tha dìreach beagan cheistean againn far a bheilear ag iarraidh oirbh geàrr-iomradh goirid a thoirt dhuinn ann am Beurla dìreach airson cuideachadh le ar co-thional agus ar mion-sgrùdadh. Bidh na sgeulachdan Gàidhlig uile air an aithris ann an Gàidhlig.  

Question Title

* 1. Daingnich dhuinn gu bheil thu toilichte com-pàirteachadh nar pròiseact tional sgeulachdan agus roinn fiosrachadh le An Costa a Chruthaich an Saoghal agus Northword (airson tuilleadh fiosrachaidh faic www.coast.scot)

Question Title

* 2. Gus ceadachadh dhuinn conaltradh riut às dèidh làimh, thoir seachad d’ fhiosrachadh conaltraidh gu h-ìosal (fo riaghailtean làithreach dìon dàta (GDPR), cha chleachd sinn an dàta agad ach airson adhbharan a’ phròiseict seo mar a tha mìnichte air làrach-lìn a’ Chosta, agus nar Poileasaidh Prìobhaideachd. Faodaidh tu fios a chur thugainn aig àm sam bith tron làrach-lìn seo gus iarraidh air d’ fhiosrachadh a thoirt às an stòr-dàta). Tha sinn a’ sùileachadh in-chur bho thall-thairis, mar sin tha sinn ag iarraidh ort innse dè an dùthaich sa bheil thu!

T