Beachd air Gàidhlig

Cleachdar toradh an rannsachaidh seo gus beachd a thoirt air mar bu chòir taic a chumail ri Gàidhlig sa choimhearsnachd agus ann an sgoiltean bho seo a-mach.
 
Bithibh cho fìrinneach ‘s as urrainn dhuibh le ur freagairtean. Tha e cheart cho deatamach faighinn a-mach carson nach eil Gàidhlig tarraingeach do chuid sa tha e faighinn a-mach carson a tha i còrdadh ri daoine eile.
 
Mur a bheil thu airson d’ ainm a chur ris a’ cheisteachan, tha sin ceart gu leòr.
 
Ma tha thu toilichte leigeil leinn tilleadh thugad airson barrachd fhaighneachd mu do bheachdan, cuir d’ ainm ‘s do phost-d air an duilleig.
 
Mòran taing airson seo a dhèanamh dhuinn.
1.Ainm:
2.Aois:
3.Post-d
4.Ire cànain:
5.Obair:
6.‘S i Ghàidhlig prìomh chànan mo dhachaigh / mo theaghlaich
7.Tha 0/1/2 dem phàrantan an ìre mhath fileanta sa Ghàidhlig.
8.Bidh mi cleachdadh Gàidhlig gu tric nam àite-obrach /ionnsachaidh
9.Bidh mi bruidhinn Gàidhlig ann an diofar shuidheachaidhean sòisealta agus coimhearsnachd.
10.Bha cothrom agam a dhol tro fhoghlam tro mheadhan na Gaidhlig.
11.Bha mi gabhail Gàidhlig mar chuspair gu ìre:N4, N5, H, AH, Oilthigh, Colaiste.
12.Bha buannachdan sòisealta agus eaconomaigeach na Gàidhlig air an daingneachadh san sgoil.
13.Bha na cuspairean a bhathas a’ tabhann aig ceann shuas na sgoile, tro Ghàidhlig, inntinneach agus freagarrach a thaobh slighe obrach.
14.Shuidh mi deuchainnean nàiseanta ann an Gàidhlig ( a bharrachd air Gàidhlig mar chuspair).
15.Bha Gàidhlig / Gaelic (luchd-ionnsachaidh), na chuspair, inntinneach agus tarraingeach aig ceann shuas na sgoile.
16.Bha mi gabhail pàirt ann am mòdan agus fèisean.
17.Mholainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig do dhaoine eile.
18.Bidh mi leughadh leabhraichean Gàidhlig airson toileachais.
19.Bidh mi coimhead phrògraman air BBC Alba.
20.Bidh mi ag èisteachd ri Ràdio nan Gaidheal.
21.Bidh mi leantainn dhaoine le cunntasan Gàidhlig air na meadhanan sòisealta.
22.Tha mi taiceil dhan / coma den / an aghaidh na Gàidhlig.
23.‘S e an rud / tachartas bu mhotha a thug buaidh mhath orm ann an Gàidhlig………
24.‘S e an  rud / tachartas bu mhiosa a thug buaidh orm a thaobh Gàidhlig …..
25.Tha mi misneachdail mu shuidheachadh na Gàidhlig san àm ri teachd.
26.Tha mi smaoineachadh gu bheil Gàidhlig deatamach do na h-Eileanan an Iar gu lèir.
27.Bu thoil leam barrachd sheirbheisean poblach a bhith rim faotainn tro Ghàidhlig.
28.Tha sinn a’ dèanamh gu leor airson a bhith brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar.
29.Tha tuigse mhath agam air eachdraidh ionadail agus cultur na Gàidhlig.
30.Tha mi faireachdainn gum faod mi bhith nam bhall den choimhearsnachd Ghàidhlig.
31.Nuair a thèid bruidhinn rium ann an Gàidhlig, ‘s ann ann an Gàidhlig / Beurla as trice a fhreagras mi.
32.Tha mi toilichte le m’ ìre fileantachd an-dràsta.
33.Ma tha thu airson mìneachadh a dhèanamh air gin de do fhreagairtean no beachd sam bith eile a thoirt seachad, dèan sin an seo:
Current Progress,
0 of 33 answered