Bith-chruinne Rois an Iar– Co-chomhairleachadh Coimhearsnachd Ro-innleachd Ghàidhlig

Tha Bith-chruinne Rois an Iar air maoineachadh fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig gus taic agus brosnachadh a chur ri cleachdadh agus com-pàirteachadh Gàidhlig air feadh na sgìre againn. Tha an t-suirbhidh seo air a dealbhadh gus dàta bun-tomhais a thional airson gnìomhachdan leasachaidh Gàidhlig fhiosrachadh agus ro-innleachd Ghàidhlig Bith-chruinne a chruthachadh, air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd. 
Bidh na freagairtean uile neo-ainmichte a thaobh adhbharan bhuilean, leithid ro-innleachd Ghàidhlig agus geàrr-iomradh de fhianais airson an cleachdadh le buidhnean coimhearsnachd eile. Gheibh Oifigear Leasachaidh Gàidhlig na Bith-chruinne agus an sgioba rannsachaidh cothrom air an dàta agus thèid builean neo-ainmichte fhoillseachadh air-loidhne air www.wrb.scot
Ma bhios ceistean sam bith agaibh mun t-suirbhidh seo, cuiribh post-d gu events@wrb.scot.
1.Ainm(Required.)
2.Aois(Required.)
3.Dè an sgìre comhairle coimhearsnachd sa bheil thu a’ còmhnaidh?(Required.)
4.A bheil Gàidhlig agad, no a bheil thu ag ionnsachadh?(Required.)
5.An urrainn dhut Gàidhlig a leughadh?(Required.)
6.An tuig thu Gàidhlig ma bhruidhneas duine riut i?(Required.)
7.Dè na suidheachaidhean sa bheil thu a’ cleachdadh Gàidhlig?(Required.)
8.Nach roinn thu mion-fhiosrachadh an seo mu dheidhinn mar a bhios tu a’ cleachdadh Gàidhlig sna suidheachaidhean gu h-àrd, agus carson
9.Dè cho cudromach ’s a tha e dhut gu bheil Gàidhlig ga labhairt ann am Bith-chruinne Taobh Siar Rois?(Required.)
10.Dè na prìomhachasan a th’ agad airson Gàidhlig ann an Rois an Iar san àm ri teachd?
11.Dè na gnìomhachdan Gàidhlig a bu thoigh leat fhaicinn rim faotainn sa choimhearsnachd agad?
12.Ciamar a b’ fheàrr leat com-pàirteachadh le Gàidhlig sa Bhith-chruinne?  
13.Cleachd am beàrn seo airson beachdan a bharrachd sam bith a chuidicheas le leasachadh na Gàidhlig ann am Bith-chruinne Rois an Iar
14.Nam biodh ùidh agad nar cuideachadh le susbaint Ghàidhlig a lìbhrigeadh tron Bhith-chruinne, cuir am modh conaltraidh as fheàrr leat a-steach an seo. 
15.Tha mi ag aontachadh le cleachdadh air an dàta seo ann am Bith-chruinne Rois an Iar.(Required.)
Tapadh leat airson na suirbhidh seo a lìonadh.  

Faigh a-mach tuilleadh mu Bhith-chruinne Rois an Iar, agus faigh ballrachd aig www.wrb.scot

Tha an obair seo maoinichte le Bòrd na Gàidhlig.